Na tha sinn a' dèanamh


Bidh sinn a' dèanamh sgrùdadh neo-eisimeileach air na cùisean as cudromaiche sa bheil am poileas an sàs.

Bho 1 Giblean 2013, leudaich Achd Ath-leasachadh Sheirbheisean Poileis is Smàlaidh (Alba) 2012 raon-ùghdarrais Coimiseanair Ghearanan Poileis na h-Alba (PCCS) a bhith a' gabhail a-steach rannsachaidhean neo-eisimeileach air na cùisean as cudromaiche sa bheil am poileas an sàs.  Gus an t-atharrachadh seo a chomharradh thugadh ainm ùr don PCCS, Coimiseanair Rannsachadh is Ath-bhreithneachaidh a' Phoileis (PIRC).  Tuilleadh fios air na seòrsachan rannsachaidh a bhios am PIRC a' dèanamh

Bidh sinn a' dèanamh sgrùdadh neo-eisimeileach air mar a bhios buidhnean poileis ann an Alba a' dèiligeadh ri gearanan bhon phoball. 

Ma tha sibh air gearan a dhèanamh mu oifigear poileis sònraichte no neach-obrach bhon phoball ann an gin de na buidhnean poileis ann an Alba agus nach eil sibh toilichte le mar a dhèilig a' bhuidheann ri ur gearan, is dòcha gum b' urrainn don  PIRC ath-bhreithneachadh a dhèanamh air mar a chaidh a' chùis agaibh a làimhseachadh. 

Faodaidh am PIRC cuideachd coimhead ri gearanan air mar a làimhsich buidheann poileis gearan na aghaidh a thaobh mar a lìbhrig iad seirbheis poileis.  A thuilleadh air sin, faodaidh buidheann poileis iarraidh òirnne coimhead air ciamar a dhèilig iad ri gearan.   

Mus gabh sinn beachd air gearan sam bith, feumaidh sinn cothrom a thoirt do na buidhnean poileis sa chùis beachdachadh air an t-suidheachadh agus freagairt a dhèanamh.  Tha seo a' toirt cothrom dhaibh an suidheachadh fhuasgladh.  Chan urrainn don PIRC ath-bhreithneachadh a dhèanamh air gearan gus am bi a' bhuidheann poileis fhèin air làn rannsachadh a dhèanamh air.  Gheibhear seòladh a h-uile buidheann poileis an seo  agus  an stiùireadh againn air gearan an aghaidh a' phoileis

Dè nach urrainn dhuinn a dhèanamh

Chan urrainn don PIRC beachdachadh air gearan a tha a' cur eucoir às leth oifigear, neach-obrach bhon phoball no buidheann poileis.  Bidh Oifis a' Chrùin agus Seirbheis Luchd-casaid a' Chrùin (COPFS) a' dèiligeadh ri seo.  Ged a tha cumhachd aig a' PIRC beachdachadh air gearanan an aghaidh a' phoileis nach buin ri eucoir, cha bhi sinn a' coimhead ri gearanan bho dhaoine fa leth a tha ag obair ann am buidheann poileis mu cùisean fastaidh no cùisean sgiobachd.   

Faodaidh sibh Stiùireadh air gearan an aghaidh a' phoileis a luchdachadh a-nuas a bhios a' mìneachadh obair a' PIRC agus an COPFS a thaobh ghearanan an aghaidh a' phoileis.

Fios air mar a dh'iarras sibh ath-bhreithneachadh PIRC an seo, no luchdaich Stiùireadh don phoball air obair Coimiseanair Rannsachadh is Ath-bhreithneachadh a' Phoileis  

Sìor leasachadh

Is i obair a' PIRC dèanamh cinnteach gu bheilear a' dèiligeadh gu h-èifeachdach ri gearanan an aghaidh a' phoileis.  Tha e na phàirt den obair seo dèanamh cinnteach gu bheil dòighean-obrach aig a h-uile buidheann poileis an Alba airson dèiligeadh ri gearanan an aghaidh a' phoileis, ionnsachadh bho mhearachdan sam bith a nì iad agus a bhith a' sìor leasachadh na dòigh sam bi iad ag obair.  Fios air ciamar a bhios dearbhadh càileachd a'  PIRC a' cur taic ri seo.